Dol Fodha na Grèine: Buaidh a' Chogaidh Mhòir - Nis gu Baile an Truiseil

Acair, 2014.  413 duilleag.

Thairis air a' cheud bliadhna mu dheireadh thathar air iomadach leabhar a chur an clò mun Chogadh Mhòr.  Chuir Call na h-Iolaire aig a' Bhliadhn' Ùir 1919 clach-mhullaich uabhasach ar a h-uile càil.  B' e seo cuspair bròin bu chianail a thàinig a-riamh air an eilean.  Tha an leabhar seo a' cur urram air na naoi ceud neach bhon sgìre, eadar Sgiogarstaigh agus Baile an Truiseil, a ghabh pàirt anns a' chogadh.  Bhathar fortanach, nuair a thòisich Comunn Eachdraidh Nis ann an 1977, gu robh feadhainn de na laoich fhathast còmhla rinn.  Tha na còmhraidhean a chaidh a chlàradh leothasan na phàirt chudromach den leabhar.  Tha Càr nan Gaisgeach a' toirt fiosrachadh seachad air na naoi ceud duine-uasal a dh'fhàg ar agìre airson a dhol an sàs ann an cogaidh fad às.  'S e cuimhneachan cùbhraidh agus prìseil a th' againn orra gu lèir.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Dol Fodha na Grèine: Buaidh a' Chogaidh Mhòir - Nis gu Baile an Truiseil

  • £19.99


Related Products

Còisir nan Gunna

Còisir nan Gunna

Acair, 2013. 224 duilleag. Is e 1940 a th' ann, agus tha a..

£9.99

Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm

Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm

Clàr, 2016.  134 duilleag.  "Nan robh thu a..

£9.99

Tagaichean: The Going Down of the Sun: The Great War and a Rural Lewis Community

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: