Clàr, 2014. 480 duilleag.
Na bheatha ghoirid, sgrìobh Dòmhnall Mac na Ceàrdaich - Dòmhgan Dhòmhnaill Dhonnchaidh - mòran òran agus pìosan bàrdachd, sia dealbhan-cluiche, deannan aistidhean fada air diofar chuspairean, diofar phìosan de rosg cruthachail agus measgachadh de stuth leithid lèirmheasan agus eadar-theangachaidhean. Chaidh feadhainn dhe na ciad òrain aige nach deach fhoillseachadh riamh a ghleidheadh ann am Barraigh: tha cuid dhiubh sin sa chruinneachadh ùr seo.
Tha Aonghas MacLeòid, sgoilear òg ann an Oilthigh Ghlaschu aig a bheil ceangal ri Barraigh, air mòran obair rannsachaidh a dhèanamh air sgrìobhadh cruthachail Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich. Tha CLÀR fortanach gu robh Aonghas deònach ro-ràdh a dhèanamh airson an leabhair. Tha facal-toisich ann le Lisa Storey cuideachd.
Nuair a dh’eug Dòmhnall Mac na Ceàrdaich ann an 1932, rinn am bàrd ainmeil Hugh MacDiarmid dàn‑cuimhneachaidh dha, agus tha sin ri leughadh anns an leabhar seo.
D.M.N.C - Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich
- Le: Dòmhnall Mac na Ceàrdaich
- Còd a' bhathar: 9781900901789
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£9.99
Tagaichean: D.M.N.C - Sgriobhaidhean Dhomhnaill Mhic na Ceardaich