Acair, 2014. 443 duilleag.
Rugadh Calum MacFhearghuis ann am Port Mholair anns an Rubha an Eilean Leòdhais ann an 1931.
Mar a bha cumanta anns an là sin, thogadh Calum ann am baile a bha luma-làn beul aithris agus dualchas croitearachd.
'S e sgeulachd Chaluim fhèin a tha seo, air a h-innse na dhòigh thlachdmhor fhèin. Mar neach-aithris an sgeòil, tha e a' toirt sealladh dhuinn air a bheatha fhèin agus air na bha a' tachairt san teaghlach agus anns a' choimhearsnachd. Tha an sgeulachd a' toirt beò an saoghal a bha aig ginealach de dh'eileanaich, agus bheir i gàire oirbh ach aig amannan bi nithean ann a bheir deòir gu ur sùil.
Tha sgeulachd Chaluim air a h-innse sa Ghàidhlig, le làn eadar-theangachadh na cois.
Leugh lèirmheas air an leabhar seo air GoodReads
Related Products
Tagaichean: Eachdraidh-beatha, Leodhas, Beul-aithris, An Darna Cogadh