Acair, 2014. 203 duilleag.
Cruinneachadh de sgeulachdan goirid, foillsichte mar phàirt de shreath Aiteal.
Teaghlaichean - Gàidhealach, Sasannach, Spàinnteach, Basgach - is ceangal aca ri ceàrn ann am Mallorca tro làithean-saora. Chì sinn an eachdradh a' dol air ais 's air adhart thar nam bliadhnachan - iad nas òige an aon chaibideil, 's dòcha, na bha iad nuair a chuannaic sinn iad mar-thà. Sinn a' snìomh a-mach 's a-staigh à beatha Shimon is Jenny is na choinnicheas ruitha, leithid muinntir Izar - is dè a dh'fhàg ise mar a tha i? Is dè mun luchd-frithealaidh, mar a tha Lucia is Pepe? Tha am beatha fhèin acasan, is an cànanan fhèin, dìreach mar a th' aig Garaidh à Lunnainn. Sgeulachdan domhainn, beairteach a tha ag èirigh à Cala Bendita - 's a bheannachdan!
Sgrìobhadair fosgailte farsaing (agus daonnan siùbhlach, ann an rosg no bàrdachd) a th' ann am Màrtainn Mac an t-Saoir, foiseil ann an nòsan beul-aithris no sna dòighean rannsachail, ùra a tha, le chèile, gar tarraing a-staigh dhan t-saoghal a tha e a' cruthachadh. Drùidhte san dualchas, tha e acrach airson buaidhean a latha fhèin a shoilleireachadh.
Aonghas MacNeacail
Leugh lèirmheas air an leabhar seo le Liam Alasdair Crouse
Tha an leabhar seo cuideachd ri fhaighinn ann an cruth didseatach air iBooks
Cala Bendita 's a Bheannachdan
- Le: Màrtainn Mac an t-Saoir
- Còd a' bhathar: 9780861525560
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£9.99
Related Products
Gymnippers Diciadain - Leabhar & DVD
Clàr, 2006. 350 duilleag. Bha an leabhar seo air geàrr-lios..
£18.99