Cala Bendita 's a Bheannachdan

Acair, 2014. 203 duilleag.

Cruinneachadh de sgeulachdan goirid, foillsichte mar phàirt de shreath Aiteal.

Teaghlaichean - Gàidhealach, Sasannach, Spàinnteach, Basgach - is ceangal aca ri ceàrn ann am Mallorca tro làithean-saora.  Chì sinn an eachdradh a' dol air ais 's air adhart thar nam bliadhnachan - iad nas òige an aon chaibideil, 's dòcha, na bha iad nuair a chuannaic sinn iad mar-thà.  Sinn a' snìomh a-mach 's a-staigh à beatha Shimon is Jenny is na choinnicheas ruitha, leithid muinntir Izar - is dè a dh'fhàg ise mar a tha i?  Is dè mun luchd-frithealaidh, mar a tha Lucia is Pepe?  Tha am beatha fhèin acasan, is an cànanan fhèin, dìreach mar a th' aig Garaidh à Lunnainn.  Sgeulachdan domhainn, beairteach a tha ag èirigh à Cala Bendita - 's a bheannachdan!

Sgrìobhadair fosgailte farsaing (agus daonnan siùbhlach, ann an rosg no bàrdachd) a th' ann am Màrtainn Mac an t-Saoir, foiseil ann an nòsan beul-aithris no sna dòighean rannsachail, ùra a tha, le chèile, gar tarraing a-staigh dhan t-saoghal a tha e a' cruthachadh. Drùidhte san dualchas, tha e acrach airson buaidhean a latha fhèin a shoilleireachadh.
Aonghas MacNeacail

Leugh lèirmheas air an leabhar seo le Liam Alasdair Crouse

Tha an leabhar seo cuideachd ri fhaighinn ann an cruth didseatach air iBooks

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Cala Bendita 's a Bheannachdan

  • £9.99


Related Products

Gymnippers Diciadain

Gymnippers Diciadain

Clàr, 2006. 350 duilleag. Bha an leabhar seo air geàrr-lios..

£8.99

Ath-Aithne

Ath-Aithne

Clàr, 2003. 234 duilleag. Saltire Society FIRST BOOK OF THE ..

£8.99

Saorsa

Saorsa

Clàr, 2011.151 duilleag. Cruinneachadh ùr agus beothail d..

£8.99

An Latha as Fhaide

An Latha as Fhaide

Clàr, 2008. 316 duilleag. ’S ann às Na Hearadh a tha Niall..

£8.99

Air a Thòir

Air a Thòir

Clàr, 2011. 360 duilleag. Nuair a bha e a' tionndadh làmh ..

£8.99

Tuath air a' Bhealach

Tuath air a' Bhealach

Sandstone Press, 2015.  88 duilleag. Is e tè òg nach..

£7.99

Gymnippers Diciadain - Leabhar & CD

Gymnippers Diciadain - Leabhar & CD

Clàr, 2006. 350 duilleag. Bha an leabhar seo air geàrr-lios..

£8.99 £18.99

Ath-Aithne - Leabhar & CD

Ath-Aithne - Leabhar & CD

Clàr, 2003. 234 duilleag. Saltire Society FIRST BOOK OF THE ..

£8.99 £24.99

Tagaichean: Ficsean, Aiteal, An Spainn

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: