Sandstone Press, 2016. 74 duilleag.
Banais eile, prèasantan a bharrachd, agus cosgais mhòr nan lùib. Tha Anna seachd sgìth dheth, is i aig bòrd nan singilteach a-rithist. Ach an turas seo tha fireannach ann a tha den aon bharail mu bhainnsean, agus moladh dàna aige. Carson nach pòs iadsan? Gheibh iad airgead agus prèasantan mìorbhaileach, agus an uair sin dh’fhaodadh iad dealachadh bho chèile. Dè an cron? Cha deigheadh càil ceàrr.
"Leabhar cho èibhinn ’s a leugh mi sa Ghàidhlig. Tha sgrìobhadh Maureen a’ toirt ort faireachdainn mar gu bheil thu ann an cuideachd dlùth-charaid."
Catrìona Lexy Chaimbeul
"'S e leabhar èibhinn a th' ann, agus tha doimhneachd ann cuideachd. Tha ceistean moralta ag èirigh agus a' dèanamh beagan trioblaid do chogaisean dhaoine, ach tha an sgrìobhadh daonnan aotrom 's furasta a leughadh."
Mairi Rhind (Lèirmheas ann an STEALL 02, dd.46-7)
Leugh lèirmheas air GoodReads
Related Products
Tagaichean: Ficsean, Lasag, Romansachd, Abhachdas,