Sandstone Press, 2014. 74 duilleag.
Tha teagasg ceimigeachd san àrd-sgoil a' còrdadh ri Sarah Chaimbeul, ach tha tubaist san deuchainn-lann a' toirt oirre cuimhneachadh air rudeigin uabhasach a dh'èirich dhi san oilthigh, rud a leig i air dìochuimhne. Tha an dàimh eadar i fhèin agus a cèile Teàrlach air tuiteam às a chèile agus chan eil fhios aice an urrainn dhi earbsa a chur sna bana-charaidean aice, no na cuimhne fhèin.
Leabhar a tha dèiligeadh ri cuspair nach bi tric a' nochdadh ann am ficsean Gàidhlig, agus air a làimhseachadh le tuigs' is faireachdainn, 's a tha fosgladh sùilean na prìomh charactair gu na rudan a tha cudthromach agus prìseil na beatha.
Cathy NicDhòmhnaill