Tocasaid 'Ain Tuirc - Book & CD

Clàr, 2004. 144 duilleag.

Cruinneachadh sgeulachdan a th' againn an seo, ach tha n ah-aon phearsachan a' sìor nochdadh, is tha an leabhar coltach ri nobhail aig an aon àm.

'S e am fear a tha a' toirt ainm dhan leabhar as trice a chì sinn, agus chan ainneamh leis a bhith ann an suidhichidhean ùidheil is neo-àbhaisteach. Tha fear Dòmhnall Iain ann cuideachd, is leanaidh sinn a chùrsa-san tron leabhar, agus feadhainn annasach eile, gu h-àraid an Sgeilbheag ('s a bhrògan donna) 's an Sleapan. Mean air mhean, tha eachdraidh nan daoine sin ga nochdadh, agus 's ann a' sìor mheudachadh a tha an t-eòlas a th' againn orra fhèin is air an t-saoghal aca.
Tha an saoghal sin caochlaideach cuideachd: saoghal Nis a th' ann uaireannan, le cuan is mòinteach is buntàta is cailleachan is bàrdachd; uaireannan eile, 's e saoghal seunta, le prionnsaichean is draoidheachd is brògan a nì cainnt! Ach ge b' e air bith dè an suidheachadh, tha an sgrìobhadh brìoghmhor, siùbhlach, eirmseach. Bheir an leabhar seo an dà chuid gàire is smaoin oirnn.


Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar & CD

  • £18.99
  • £8.99


Related Products

Dìomhanas

Dìomhanas

Clàr, 2008. 200 duilleag. Thathar eòlach air Fionnlagh ma..

£8.99

An Aghaidh Choimheach

An Aghaidh Choimheach

Gairm, 1993. 122 duilleag. Cruinneachadh de dhusan sgeula..

£5.95

Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile

Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile

Clàr, 2013. 246 duilleag. Seo an dàrna cruinneachadh sgeul..

£8.99

Caogad San Fhàsach

Caogad San Fhàsach

Acair, 2014.  348 duilleag. Cogadh, daoine (ann an ca..

£9.99

Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar-èisteachd

Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2004. Cruinneachadh sgeulachdan a th' againn an seo,..

£10.00

Sgeulachdan sa Chiaradh

Sgeulachdan sa Chiaradh

Acair, 2015.  138 duilleag. Èisdibh, mas àill leibh, ..

£9.99

Sa Bhùth 's An Tac An Teine

Sa Bhùth 's An Tac An Teine

Clàr, 2016. 144 duilleag Mar a tha Cairistìona ag ràdh aig..

£7.99

An Cearcall

An Cearcall

Acair, 2002. 64 duilleagTha sgeulachdan agus bàrdachd Thorcuil Mh..

£5.99

Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Sgeulachdan goirid, Leodhas, Abhachdas

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: