Là a' Dèanamh Sgèil Do Là - Book & CD

Clàr, 2004. 238 duilleag.

Nobhail chumhachdail eile bho Aonghas Pàdraig Caimbeul. Chì sinn teaghlach anns an Eilean Sgitheanach agus duine sònraichte aig a bheil buaidh mhòr air am beath, ach 's ann san àm ri teachd a tha seo, agus tha lathaichean doirbhe, dorcha air tighinn air a' chinne-daonna. Casg air Gàidhlig. Saoghal doirbh, ach a dh'aindeoin sin, mairidh miann air saorsa, agus faodaidh rudan mìorbhaileach tachairt.

Tha an sgeulachd a' sgaoileadh fad' is farsaing tro thìm agus air feadh an t-saoghail mhòir. Tha i a' toirt dòchas dhuinn uile. Fìor nobhail chumhachdach.


Cha tug an Caimbeulach fada a’ freagairt na ceist: "De an rathad a ghabhas e as deidh An Oidhche mus do Sheol Sinn? Ghabh e an rathad coimheach eagalach (ach uairean eibhinn) a ghabh Iain coir Mac a’ Ghobhainn cho tric ’na sgeulachdan goirid. Se an diofar eadar an dithist gum faic an Caimbeulach daonnan bogha-froise an dochais. Ghabh e an rathad ceart; leugh an leabhar seo ’s bidh do dhuais agad.
Raghnall MacIlleDhuibh

Tha nobhail ùr Aonghais Phàdraig mar gun do thachair Gabriel Garcia Marquez ri Seòras Orwell agus gum faca iad latha, dh'fhaodadh, nach eil cho fad' às dhan Ghàidhlig, dhan Ghàidhealtachd 's dhan t-saoghal gu lèir.
Màiri Anna NicUalraig

Ulaidh ann an litreachas agus eachdraidh na Gàidhlig
Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain

Leugh lèirmheas air an leabhar seo air GoodReads

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Là a' Dèanamh Sgèil Do Là - Leabhar & CD

  • £18.99


Related Products

An Taigh-Samhraidh

An Taigh-Samhraidh

Clàr, 2007. 238 duilleag. Cò leis a tha taigh? Dìreach le..

£8.99

Tilleadh Dhachaigh

Tilleadh Dhachaigh

Clàr, 2009. 119 duilleag. Tha taibhse air trèana eadar Oba..

£8.99

Fuaran Ceann an t-Saoghail

Fuaran Ceann an t-Saoghail

Clàr, 2012. 108 duilleag. `S iomadh ìomhaigh à beatha a h..

£8.99

An Nighean air an Aiseag

An Nighean air an Aiseag

Luath Press, 2013. 203 duilleag. 'Duilich,' thuirt mi rit..

£7.99

Là a' Dèanamh Sgèil Do Là - Leabhar-èisteachd

Là a' Dèanamh Sgèil Do Là - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2004. Nobhail chumhachdail eile bho Aonghas Pàdraig..

£10.00

Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, An t-Eilean Sgitheanach

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: