Mìosachan 2019

Mìosachan 2019 - A4 (Gàidhlig)

Ann an 2018, bha Comhairle nan Leabhraichean a’ comharrachadh 50 bliadhna on a chaidh a stèidheachadh ann an 1968. Mar phàirt den a’ bhliadhna shònraichte seo, dh’iarr sinn air Gàidheil òga ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu dealbhan a dhèanamh, a bha a’ riochdachadh a’ chuspair Glaschu nan Gàidheal. Dè tha baile Ghlaschu a’ ciallachadh dhaibhsan? Dè tha e a’ ciallachadh dhaibh a bhith nan Gàidheil òga ann an Glaschu ann an 2018? Fhuair sinn 15 dealbhan a bha cho brèagha, tarraingeach agus pearsanta ’s gun robh e doirbh dhuinn taghadh a dhèanamh eatarra. Tha iad uile anns a’ mhìosachan seo, a thèid a reic airson airgead a thogail do leabharlann na sgoile. Tha sinn an dòchas gun toir iad an uiread de thlachd dhuibhse ’s a tha iad air a thoirt dhuinne.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Mìosachan 2019

  • £5.00


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: