Clàr, 2013. 164 duilleag.

Measgachadh de sgeulachdan air caochladh chuspairean.

'S ann am Barrapol an Tiriodh a chaidh Niall M. Brownlie a thogail, ann an dachaigh 's an coimhearsnachd far an robh a' chànan 's an dualchas air leth làidir. Bhiodh sgeulachdan à beul-aithris rin cluinntinn gu tric bho a mhàthair agus bho dhaoine a thigeadh a chèilidh air oidhcheannan geamhraidh.

Leis an spèis a bh' aige dha a chiad chànan 's dhan dualchas, chaidh Niall a ghluasad gu sgeulachdan a chruthachadh. Bhiodh e ri bàrdachd cuideachd, agus thòisich e ri òrain agus rosg a chur còmhla. Nochd trì leabhraichean bhuaithe mar-thà, Bailtean is Ath-Ghairmean, A' Chlàrsach Ùr agus Meòrachadh.

Tha raon farsaing san dà sgeulachd dheug sa chruinneachadh seo gar toirt bho thachartasan sna seann linntean gu suidhichidhean doirbh, cunnartach an latha 'n-diugh ann an àiteachan mar Etiòpia, an Fhraing an àm a' chogaidh agus eile. Mar tha Niall fhèin ag ràdh, 'ha na cuspairean a thagh mi a' treabhadh iomadh iomaire' agus tha e 'an dòchas gum bi sgeulachdan san trusadh a chòrdas ris an leughadairean'. Tha sinn glè chinnteach gum bi.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Càth anns a' Ghaoith

  • £8.99


Related Products

A' Chlàrsach Ùr

A' Chlàrsach Ùr

Argyll Publishing, 1999. 62 duilleag. Cruinneachadh àlain..

£6.99

Meòrachadh

Meòrachadh

Argyll Publishing, 2003. 63 duilleag. Na facail le Niall ..

£6.99

Smuaintean Bho Cheann a' Bhara

Smuaintean Bho Cheann a' Bhara

Taigh na Teud, 2016.  60 duilleag. Cruinneachadh..

£15.00

Tagaichean: Ficsean, Sgeulachdan goirid, Tiriodh