Urras Leabhraichean nan Eilean/The Islands Book Trust, 2010. 119 duilleag.

Alasdair MacGilleMhìcheil A' Tiotal Ainmean Gàidhlig Eun.

Bidh a h-uile neach aig a bheil ùidh ann an dualchas agus cultar nan Gàidheal eòlach air a' chruinniche beul-aithris Alasdair MacGille Mhìcheil agus air a shàr obair, Carmina Gadelica. Gheibhear fianais gu leòr am broinn na h-obrach seo air mar a ghabh MacGilleMhìcheil ùidh mhòr ann am faclan agus abairtean ceangailte ri nàdar. Tha fios cuideachd gun do chruinnich e tòrr ainmean Gàidhlig eun agus gun do chuir e liostaichean dhiubh gu eun-eòlaichean an latha. Ach dè na comasan a bh' aige a thaobh obair cruinneachaidh den leithid? Dè cho earbsach 's a tha na h-ainmean a thionail e? An robh e ceart nuair a sgrìobh e gun robh e an sàs ann an 'obair gun duais'? Seo feadhainn de na ceistean air a bheilear a' beachdachadh anns an leabhar ùidheil seo.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Obair Gun Duais?

  • £5.99


Tagaichean: Obair Gun Duais?