Akerbeltz, 2016. 1064 duilleagan.
Seo ath-fhoillseachadh Bìoball 1902 a rinn an SSPCK agus leabhar nan Apocripha (1860) leis an Urr. Alasdair MacGriogair, cruinn san aon leabhar.
Chaidh deasachadh aotrom a dhèanamh air na teacsaichean sin:-
(i) chaidh mearachdan litreachaidh a sgioblachadh;
(ii) chaidh cuid de na faclan is litreachaidhean fìor-àrsaidh ùrachadh (mar eisimpeir, sè > sia, faghail > faotuinn, a ta > a tha, fein > fhéin, is mar sin air adhart);
(iii) chaidh am facal ceud ath-litreachadh ceud air neo ciad, mar a b' iomchaidh;
(iv) chaidh cuid de na litreachaidhean a bha neo-chunbhalach san tionndadh thùsail fhèin a dhèanamh cunbhalach; agus
(v) chaidh stràcan a chur air litrichean mòra.
A bharrachd air rudan beaga mar sin, chaidh gach rud a ghleidheadh mar a bha e san dà leabhar tùsail.
Am Bìobull Naomh: An Seann-tiomnadh is an Tiomnadh Nuadh
- Còd a' bhathar: 9781907165191
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£65.00
Tagaichean: Am Biobull Naomh: An Seann-Tiomnadh is an Tiomnadh Nuadh, Bìoball,