An Dà Anam
  • An Dà Anam

Clò Dhùnain,2017. 56 duilleag

’S e coluadar a tha seo eadar dithis bhàrd, ann an Gàidhlig na h-Alba ’s na h-Èireann, aon dhiubh à Alba a tha a’ dèanamh a’ mhòr-chuid den sgrìobhadh aige ann an Gàidhlig agus bàrd Èireannach / Cuimreach a tha sgrìobhadh ann an grunn chànanan Eòrpach, nam measg Gaeilge, Cuimris agus Beurla. Tha eadar-theangachaidhean Beurla den Ghàidhlig ’s den Gaeilge, chan e bàrdachd as ùr sa Bheurla, air na duilleagan mu choinneamh na Gàidhlig / na Gaeilge.

Dh’èirich an conaltradh à còmhraidhean a bh’ aig an dithis bhàrd nuair a thadhail Diarmuid air Alba grunn uairean. Thàinig tinneas as an rathad air a’ chonaltradh agus tha seo ri fhaicinn gu ìre ann am Pàirt III, an earrainn air a bheil Intermezzo.

Tha seann traidisean Èireannach / Albannach ann de bhàrdachd far a bheil conaltradh eadar caractaran mar anns a’ chòmhradh eadar Oisean agus an Naomh Pàdraig anns na balantan meadhan-aoiseach a tha a’ tighinn fo an ainm, agus tha Deòrsa Mac Iain Dheòrsa a’ togail air seo san dàn aige ‘Ùrnaigh Oisein às Ùr’. Cho fad ’s as fhios dhuinn, ’s e An Dà Anam / In Two Minds a’ chiad choluadar bàrdail eadar dithis bhàrd Èireannach is Albannach san latha an-diugh.

Tha ceistean gan togail air dè as urrainn do neach a chreidsinn anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò. Tha Crìosdaidheachd a' nochdadh, ach cuideachd an saoghal às dèidh Crìosdaidheachd. Às a' chonaltradh a tha sin tha bàrdachd dhian, lasrach, ag èirigh.

Bidh an dithis bhàrd a' bruidhinn mu dheidhinn an leabhair seo aig Fèis Leabhraichean an Eilean air Dihaoine 1 Sultain anns an Ionad Aros ann am Port Rìgh. Gheibhear tiogaidean air làrach-lìn na Fhèise.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

An Dà Anam

  • £6.99


Related Products

Dà Thaobh a' Bhealaich

Dà Thaobh a' Bhealaich

Two Ravens Press, 2009. 154 duilleag. Leabhar àlainn a th..

£9.99

Tro Chloich Na Sùla

Tro Chloich Na Sùla

Clàr, 2014.  104 duilleag. Tha sean agus ùr a’ measga..

£9.99

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: