Clì Gàidhlig, 2010. 202 duilleag.

Dèante le Kenneth Lindsay. Deasaichte le Morag MacNeill. Dealbhan le Cara Bell.

Chan ann do luchd na Gàidhlig a-mhàin a tha an leabhar seo. Thathar an dòchas gum faigh feadhainn eile, fad is farsainn, lèirsinn air cànan is cultar Gàidheil na h-Alba tro na sgeulachdan pearsanta air an aithris an seo. Tha an stuth fiosrachail a thaobh eachdraidh agus cuideachd ùidheil agus èibhinn.

`S e pròiseact sònraichte a tha san leabhar, is e a' toirt luchd fileanta is luchd-ionnsachaidh còmhla ann an còmhradh. Tha leabhar agus diosg ann, is mar sin faodar a' leughadh agus ag èisteachd ri na sgeulachdan aig an aon àm - tha Gàidhlig is Beurla sgrìobhte taobh a chèile airson tuigse a leudachadh.

San leabhar seo tha uinneag do bheathannan dhaoine le eachdraidh intinneach, aig an robh diofar dreuchd-beatha, o luchd-proifeiseanta gu croitearan, uaireannan beagan den dà chuid! Tha iomadh cuspair ag èirigh, le beachdan làidir air foghlam, croitearachd, cogadh, call, gaol is cànan nan Gàidheal fhèin. Agus an rud as cudromaiche: thathar a' sealltainn gu bheil Gàidhlig beò sa chiad linn ar fhichead agus airidh air àite sònraichte ann an cultar na h-Alba.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Mas Math mo Chuimhne

  • £10.00
  • £4.50


Related Products

Tron Bhogha-Froise

Tron Bhogha-Froise

Cànan, 1999. 104 duilleag. Bha Alasdair MacAonghais air a bhit..

£8.95

Tagaichean: Mas Math mo Chuimhne