Seòlaidh Mise Null
  • Seòlaidh Mise Null

CLÀR, 2019. 171 duilleag

Bàrdachd is Rosg le Mgr Iain Dhonnchaidh

Ged a tha iomadach bliadhna o dh'eug an t-Athair Iain MacIlleMhaoil à Barraigh (1880-1951), tha deagh chuimhne air fhathast - mar shagart, mar bhàrd agus mar dhuine air an robh meas mòr. Tha grunn dhe na h-òrain aige gan seinn fhathast, ach cha deach na rinn e a chruinneachadh cruinn còmhla thuige seo, is a-nis gabhaidh sealladh coileanta faighinn air na dh'fhàg e. Tha iomradh mionaideach air a bheatha aig toiseach an leabhair, agus chithear an uair sin a chunntas fhèin air mar a chaidh e a Chanada cuide ri luchd-imrich - cunntas a chraobh-sgaoil e ann an 1938 - agus an uair sin gheibhear a' bhàrdachd.

Tha measgachadh math innte, eadar dàin spioradail, feadhainn fheallsanach, duanagan aotrom èibhinn, is eile. Choisinn Mgr Iain cliù mar eadar-theangair, is tha an cruinneachadh a' crìochnachadh le laoidhean a thug e o chà­nanan eile. Tha aiste a sgrìobh e air beul-aithris Bharraigh san leabhar cuideachd, dà shearmon, agus iomradh blàth air fhèin le dlùth-charaid dha, Sir Compton MacCoinnich.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Seòlaidh Mise Null

  • £8.99


Tagaichean: Barraigh, Canada

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: