Birlinn, 2018. 375 duilleag
Cruinneachadh de dh'Òrain Luaidh a rinn Dòmhnall MacCarmaig ann an Cille Pheadair an Uibhist a Deas ann an 1893
Chaidh cuid dhiubh eadar-theangachadh le Mgr. Ailean Dòmhnallach
Air a dheasachadh le Iain Latharna Caimbeul
Ceòl air a chur ann an sgrìobhadh le Francis Collinson
Anns na trì leabhraichean de Hebridean Folksongs, a tha air am foillseachadh airson a' chiad uair on a nochd iad an toiseach (1967, 1977, 1981), tha 135 òrain luaidh.
Tha Leabhar 1 stèidhichte air òrain luaidh a chaidh a chruinneachadh le Dòmhnall MacCarmaig ann an Uibhist a Deas ann an 1893. 'S ann air clàraidhean a rinn Iain Latharna Caimbeul ann am Barraigh, Uibhist a Deas, Èirisgeigh agus Beinn na Fadhla eadar 1938 agus 1965 a tha Leabhraichean 2 is 3 stèidhichte.
Bidh ùidh aig seinneadairean tràidiseanta, sgoiltean agus oilthighean, agus iadsan aig a bheil ùidh ann an cultar agus eachdraidh sòisealta ceann Iar-thuath na h-Alba.
Hebridean Folksongs 1
- Le: John Lorne Campbell (Edited)
- Còd a' bhathar: 9781910900017
- Ri làimh: Out Of Stock
-
£25.00