Ceòlas Uibhist, 2016. 153 duilleag.
Taghadh de na h-Òrain aig Caimbeulaich Taobh a Deas Loch Baghasdail
Deasaichte le Jo NicDhòmhnaill agus Màiri Anna Chaimbeul.
Taghadh de na h-òrain agus a' bhàrdachd Ghàidhlig aig an teaghlach Caimbeulach à Taobh a Deas Loch Baghasdail, Uibhist a Deas. Tha òrain ann le dà bhràthair agus piuthar anns a' chiad dol-a-mach, ceathrar bhràithrean san ath ghinealach agus eisimpleir bho ghinealach an latha an-diugh cuideachd. A Pheigi a Ghràidh, Òran na h-Airship, A' Bhriogais Uallach agus Òran nan Stocainnean - tha òrain a rinn iad am measg na feadhna as measail aig na Gàidheil an-diugh. Ged a chaidh cuid dhiubh fhoillseachadh roimhe, cha deach an toirt cruinn a-riamh gu seo. Taghadh a tha a' toirt sealladh air beatha làitheil thar còrr is ceud bliadhna de dh'atharrachaidhean sòisealta agus teicneòlasach ann an coimhearsnachd Uibhist a Deas.
Anns a' Ghàidhlig a-mhàin, sgeadaichte le dealbhan dubh is geal.
Bho Ghinealach gu Ginealach
- Le: Jo NicDhòmhnaill & Màiri Anna Chaimbeul (Edited)
- Còd a' bhathar: 9780993408007
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£15.00