Deò

Grace Note Publications, 2013. 135 duilleag.

'S e bàrdachd dhàna a th'anns a' bhàrdachd aig Marcas Mac an Tuairneir. A' chiad rud a bhuaileas a-staigh air a' leughadair, 's e na cuspairean dùbhlanachd air a bheil e a-mach sa bhàrdachd aige: gaol eadar dithist a tha san aon ghnè ann an cànan agus cultar aig nach eil, gu h-ìre mhòr, na faclan no na ceumannan gus na bun-bheachdan a tha seo a thoirt am follais. Ged a tha seo 'na dhùbhlan gu ìre, gun fhios dha, shaoileadh an leughadair gur ann a-mach air gaol is càirdeas sam bith a tha an leabhar bàrdachd seo.

Aig deireadh a' ghnothaich, tha na dàin san leabhar a-mach air cuspairean coitcheann: call, teaghlach, caraidean, ceanglaichean, rudan ionannachd, àite agus tuilleadh. 'S ann tro ealain a bhàrdachd a tha Marcas a' toirt oirnn na cuspairean seo fhaireachadh gu domhainn. Ann an gnìomhan làitheil, àbhaisteach, mar a gheibhear san dàn aige 'El Camino' tha e a' toirt oirnn a bhith a' smaoineachadh air cho domhann 's a tha na nithean seirbheiseil a bhios sinn a' dèanamh nar beatha a h-uile latha.

Lodaidh MacFhionghain,
Bàrd a' Mhòid Rìoghail Nàiseanta
(2012-14)

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Deò

  • £9.99


Related Products

Lus na Tùise / Lavender

Lus na Tùise / Lavender

Bradan Press, 2016. 153 duilleag 'S e Lus na Tùise an dàrn..

£11.99

Beul-fo-bhonn

Beul-fo-bhonn

Tapsalteerie, 2017. 34 pages.Anns a' bhileag seo tha bàrdachd ann..

£5.00

Tagaichean: Deo

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: