Dannsam led Fhaileas / Let Me Dannce with Your Shadow

Luath Press, 2006. Ath-chlò-bhualadh. 2009. 124 duilleag.

Thathar eòlach air Màrtainn Mac an t-Saoir mar sgrìobhadair rosg barraichte a-cheana, agus chithear gu bheil na h-aon fheartan na bhàrdachd - anns an dà chànain. Ùidh na cho-chreutair is tuigse air a staid - tha sin sa bhàrdachd cuideachd, is grunn mòr phearsachan a' nochdadh (e fhèin ann an caochladh chruthan nam measg) is air an cur far comhair gu dealbhach le rannaigheachd is ruitheaman subailte, measgaichte. Tha a' bhàrdachd ùr-nòsach, ach tha i cuideachd a' togail air an dualchas on tàining i, is air a beathachadh leis.

Gu tric tha i drùidhteach, ach tha àbhachd innte cuideachd, is gearradh-cainnt is eirmseachd. Le farsaingeachd mhodhan is chuspairean, o eachdraich is o ar latha fhìn, tha mòran beairteis is toil-inntinn san leabhar seo.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Dannsam led Fhaileas / Let Me Dannce with Your Shadow

  • £8.99


Tagaichean: Dannsam led Fhaileas / Let Me Dance with Your Shadow

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: