Òrain Eachainn MhicFhionghain - Bàrd Bheàrnaraigh

Acair, 2013. 105 duilleag.

"Anns a' bhàrdachd aige tha e a' cleachadh Gàidhlig a tha fileanta, siùbhlach aig amannan domhain agus spioradail agus gu math ceòlmhor. Sgrìobh Iain Eardsaidh MacAsgaill na leanas mu bhàrdachd Eachainn.

Bha Eachainn a' deanamh òrain gaoil, òrain gaol-dùthcha, òrain mun chogadh, strì fearainn, tachartasan agus òrain èibhinn. Tha an teaghlach gu fada an comain Nèill Mhic an Tuairneir nach maireann airson cuid mhath de na h-òrain aig an athair a sgrìobhadh sìos gu pongail. Rinn e nì ceudna le òrain bràthair m' athar. B' e maighstir-sgoile a bh' ann an Niall a bhuineadh do Bheàrnaraigh.

Às dèidh a bhàis rinn a nàbaidh Ceit an Tàilleir air neo Ceit Dics (Dix) marbhrann dha. Bhitheadh e aig amannan ga comhairleachahd agus ga h-earalachadh. B' ise piuthar màthair Dhòmhnaill 'Ic 'Ilip a sgrìobh "Coille an Fhàsaich"."

Isa NicPhilip

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Òrain Eachainn MhicFhionghain - Bàrd Bheàrnaraigh

  • £6.00


Tagaichean: Orain Eachainn MhicFhionghain - Bard Bhearnaraigh

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: