Màiri Mhòr nan Òran : Taghadh de a h-Òrain

Scottish Gaelic Texts Society, 1998. 240 duilleag.

Bha Màiri Mhòr nan Òran ainmeil aig deireadh an naoidheamh linn deug. Thug i taic mhòr do na croitearan aig àm aimhreit an fhearainn, agus bha seasamh air leth sònraichte aice am measg nan Gàidheal. Tha meas mòr oirre fhèin 's air a h-òrain eodhon chun an latha an-diugh.
Chaidh an leabhar seo fhoillseachadh an toiseach ann an 1977, agus bha iarraidh mhòr air am feadh `s a bha e an clò. Tha an deasachadh ùr seo nas motha agus nas mionaidiche na bha a' chiad fhear. Tha dà fhichead òran ann le Màiri Mhòr, ochd a bharrachd air na bh' anns a' chiad deasachadh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air beatha Màiri, barrachd sgrùdaidh air na h-òrain aice, agus measach ùr air beachdan luchd-sgrùdaidh oirre fhèin 's air a saothair. Tha notaichean is cunntaisean fa leth a' soilleireachadh gnè is adhbhar nan òran.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Màiri Mhòr nan Òran : Taghadh de a h-Òrain

  • £11.50


Tagaichean: Màiri Mhòr nan Òran : Taghadh de a h-Òrain

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: