• Gràs / Grace

Handsel Press, 2019. 44 duilleag.

‘Seo agaibh neamhnaid bheag de leabhar, a tha a’ meòrachadh gu domhainn air mìorbhailean gràs Dhè anns a’ chruthachadh gu lèir. Tro bhàrdachd shiùbhlach shoilleir an Gàidhlig ’s am Beurla, stèidhichte air na Sgriobtaran, tha Maoilios Caimbeul a’ cur an cèill nam faireachdainnean a tha a’ dùsgadh na inntinn nuair a dh’fheuchas e ri ciall a thoirt às gach seòrsa beatha is dath is innleachd nàdarra is os-nàdarra a tha timcheall oirnn. Chòrd a h-uile facal den leabhran seo rium, agus thug e air m’ anam a bhith a’ seinn ‘òran nuadh’ don Dia Uile-chumhachdach.’ – Dòmhnall Eachann Meek

‘Tha Gràs ri mholadh mar leabhran taitneach, togarrach, smaoineachail. Coltach ri seudachan prìseil, làn neamhnaidean falaichte, tha gach pìos bàrdachd air a’ shnìomh ri chèile ’s air a chur an cèill na dhòigh àraidh fhèin, ’s iad uile, còmhla, air an lìbhrigeadh le bòidhchead, beartas agus beòthalachd cainnt. Ann an cumadh samhlachais eadar-dhealaichte, ioma-dhòigheach, a tha a’ tarraing an leughadair air ais chun an aon ghràs thar gach nì eile, tha Gràs na leabhran sòlasach ri leughadh – agus ri leughadh a-rithist!’ – Cairstìona Stone

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Gràs / Grace

  • £5.00


Related Products

The Iolaire / An Iolaire

The Iolaire / An Iolaire

Handsel Press, 2019. 36 duilleag. Sreath dhàn ann an cruth pìo..

£5.00

Iolair, Brù-dhearg, Giuthas / Eagle, Robin, Pine

Iolair, Brù-dhearg, Giuthas / Eagle, Robin, Pine

Handsel Press, 2019. 44 duilleag. Tha Fearghas MacFhionnlaigh ..

£5.00

Tagaichean: Gràs / Grace