• Sreathan anns a' Ghainmhich

Acair, 2017. 266 duilleag

Anns an leabhar seo gheibh sibh taghadh de na rannan 's na sreathan a rinn Dòmhnall Meek air iomadach cuspair a tha a' buntainn ri a bheatha fhèin, eadar Tiriodh tro na bliadhnachan, coimhearsnachdan an eilein, a' Ghàidhlig, a' Ghàidhealtachd, càirdean is co-luchd-obrach, daoine is creutairean, dùthchasaich is coigrich, agus an saoghal mòr neònach anns a bheil sinn uile beò an-diugh.

Tha iomadh gleus anns na rannan. Tha iad uaireannan sòlamaichte, uaireannan èibhinn, uaireannan brònach, agus uaireannan magail, mar a fhreagras air sealladh Dhòmhnaill.

Tha Dòmhnall air a dhòigh nuair a bhios e na shuidhe air an t-seann tractar Ferguson a tha fhathast beò slàn air a' chroit ann an Tiriodh - 'Feargaidh mo rùin-sa', mar a tha aige fhèin air ann an 'òran-gaoil' san leabhar seo.


'S e Tirisdeach a tha ann an Dòmhnall Eachann Meek. Bha e na Àrd-Ollamh ann an oilthighean Obair Dheathain is Dhùn Èideann mus do leig e dheth a dhreuchd ann an 2008.

Thill e an uair sin gu na cuspairean a bha faisg air a chridhe ann an lathaichean òige - croitearachd, marachd, togail bhàtaichean, peantadh dhealbhan, agus sgrìobhadh cruthachail. Bha òrain is bàrdachd a' lasadh ùidh nuair a bha e na bhalach, agus thàinig na boinneachan beaga bàrdachd a bha na cheann gu bhith nan sruth nuair a thòisich e air tilleadh na bu trice don eilean.


A dh' aindheoin streath de dh'urraman bho bhuidhnean agus oilthighean a' dèanamh follaiseach doimhneachd agus brìgh a chuid sgoilearachd, chan eil smid de mheud-mhòr ann an Dòmhnall Meek. cumaidh e an leughadair air a chorra-biod mu "Chaochlaidhean an t-Saoghail", a' togail smaointean, cheistean agus air a' cheann-thall, gàire. Sin again Bàrd dhiubh! - Flòraidh NicPhàil


Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Sreathan anns a' Ghainmhich

  • £11.99