• Bàrdachd Raibeirt Burns ann an Gàidhlig: Eadar-theangachaidhean na 19mh is na 20mh linn

Aberbeltz, 2016. 357 duilleag.

Tha Raibeart Burns ainmeil airson a chuid bàrdachd, an dà chuid ann an Alba 's thall thairis, agus nochd pìosan de na h-obraichean aige ann an iomadh cànan, eadar Fraingis is Laideann, Gearmailtis is Ruisis is mòran eile.

A dh'aindeoin 's gun robh a' Ghàidhlig am measg nan ciad chànan a chaidh a chur air an obair aige, chan eil mòran eòlach air na h-eadar-theangachaidhean seo leis cho sgapte 's a bha na pìosan a nochd suas gu toiseach na 20mh linn eadar diofar irisean, leabhraichean is dhuilleagan - agus chan eil gin dhiubh ann an clò an-diugh.

Tha an leabhar seo a' toirt cruinn nam pìosan seo, beagan a bharrachd air 300 dhiubh, airson a' chiad turas a-riamh san aon leabhar.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Bàrdachd Raibeirt Burns ann an Gàidhlig: Eadar-theangachaidhean na 19mh is na 20mh linn

  • £15.00


Tagaichean: Bardachd Raibeirt Burns ann an Gaidhlig: Eadar-theangachaidhean na 19mh is na 20mh linn