Clàr, 2014.  104 duilleag.

Tha sean agus ùr a’ measgachadh còmhla ri chèile sa chruinneachadh bàrdachd Gàidhlig seo bho Mhaoilios Caimbeul. Tha an t-sreath dhàn aig toiseach an leabhair stèidhichte gu ìre bhig air an t-seann mheadrachd phroifeiseanta dàn dìreach. Anns an fhichead dàn sin tha am bàrd a’ rannsachadh na buaidh a bh’ aig creideamh air luchd-ealain ainmeil Eòrpach – mar da Vinci, Gauguin, Blake agus Chagall – tro na linntean, le bhith meòrachadh air dealbhan sònraichte leis an luchd-ealain sin.

Ann am fichead dàn eile, tha am bàrd a’ dèiligeadh ri iomadh cuspair, leithid coimhearsnachd, poilitigs agus nàdar, ann an stoidhle nuadh-bhàrdail. Tha cuideachd dàin nas pearsanta ann. Tha notaichean air a’ bhàrdachd agus na peantairean aig deireadh an leabhair.

’S e cruinneachadh eadar-nàiseanta a tha seo, a’ gluasad gu siùbhlach eadar a’ Ghàidhealtachd agus an saoghal mòr.

 

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Tro Chloich Na Sùla

  • £9.99


Related Products

An Dà Anam

An Dà Anam

Clò Dhùnain, 2017. 56 duilleag ’S e coluadar a tha seo eadar d..

£6.99

Tagaichean: Tro Chloich Na Sula