• Cluaintean Uaine

Acair, 2020.  146 duilleag.

Rugadh Seòras L. Moireach ann an 1896 an Dail bho Dheas ann an Leòdhas agus chaidh Dòmhnall MacIllÌosa a bhreith anns an aon bhaile ann an 1814. B’ e Anna, piuthair Sheòrais, màthair Dhòmhnaill. Nuair a bhris a’ Chiad Chogadh a-mach, chaidh Seòras a ghairm dha na Sìophortaich. Chaith Dòmhnall a’ mhòr-chuid dhen Dàrna Cogadh air na h-Arctic Convoys.#

Bha an dithis aca a’ searmonachadh an t-Soisgeil – Seòras ann an Canada agus na Stàitean Aonaichte, agus Dòmhnall ann an Loch Carrann agus Crosbost. B’ e dà bhàrd chliùiteach a bh’ annta a bhiodh a’ dèanamh dàin air iomadh seòrsa cuspair. Anns an leabhar seo tha eachdraidh-beatha an dithis air a thoirt dhuinn le Coinneach MacLeòid, ogha piuthar Dhòmhnaill. Tha Ruairidh Iain Moireach, a rugadh san aon nàbachd, air ro-ràdh brèagha a thoirt dhuinn mun dà bhàrd.

Seo a-nise airson a’ chiad turas cruinneachadh taitneach den bhàrdachd aig Seòras L Moireach agus Dòmhnall MacIllÌosa. 

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Cluaintean Uaine

  • £15.00