CLÀR, 2019. 283 duilleag.

Seòl Mo Bheatha: Turas eadar Croit is Eilean is Oilthigh

Tha a’ mhòr-chuid eòlach air Dòmhnall Eachann Meek mar sgoilear a chuir seachad a bheatha ann an àrd-fhoghlam nan oilthighean air tìr-mòr. Ann an Seòl Mo Bheatha, ged tha, chan ann air àrd-fhoghlam as motha a tha a shealladh, ach air an dlùth-cheangal a bha aige riamh ri croit a shinnsirean anns a’ Chaolas ann an Tiriodh, far an deachaidh athair fhàgail na ghille beag nuair a rinn a phàrantan imrich do Chanada ann an 1913. Tha e ag innse mu obair na croite, na seann daoine le sàr Ghàidhlig a bha san dachaigh, na coimhearsnaich agus a’ choimhearsnachd a b’ aithne dha na òige, agus na h-atharrachaidhean mòra a thàinig orra uile. Tha dealbhan a’ sgeadachadh an teacsa.

Tha an leabhar seo sa Ghàidhlig a-mhàin.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Seòl Mo Bheatha

  • £9.99