Balach air Iteig
  • Balach air Iteig

Acair, 2006. 76 duilleag

Seo leabhar mu bhalach beag a bhios a' siubhal an t-saoghail ceangailte ri iteileig a fhuair e airson a cho-là-breith. 'S e sgeulachd shiùbhlach, le dealbhan àlainn a tha seo agus còrdaidh i ri cloinn agus ri inbhich.

'S e balach àbhaisteach a th' ann an Seumas, ach tha caraid annasach aige: 's e sin Itean an iteileag. Tha iad ag itealaich gu h-àrd os cionn thìrean annasach agus tha iad a' dol tro iomadh gàbhadh còmhla, mar a mhiannaicheadh clann an t-saoghail nan inntinn a bhith a' dèanamh. Tha iad a' ruighinn àiteachan neo-àbhaisteach agus a' coinneachadh dhaoine inntinneach bho dhualchasan eadar-dhealaichte.

Tha na sgeulachdan furasta a leughadh agus ann an cruth a chòrdas ri cloinn aigeannach air a bheil fhathast miannan agus fiamh na h-òige.

Tha cuairtean Sheumais timcheall gach puing sa chombaist, T, D, E & I 's iad air an innse ann an stòiridhean-dhealbh fa leth.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Balach air Iteig

  • £5.99


Related Products

Atlas Dhealbhan

Atlas Dhealbhan

  Acair, 2018. A' Ghàidhlig le Mòrag Stiùbhart Leab..

£6.99

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: