Donnchadh am Fuamhaire

Leabhraichean Beaga, 2015. 22 duilleag.

Dealbhan le Sandra Nic an t-Saoir.

'S e fuamhaire còir a bh' ann an Donnchadh. Bha tòrr charaidean aige, nam measg na balaich Dòmhnall Iain, Calum Alasdair agus Seonaidh Ailig.

Bu toigh le Donnchadh a bhith a' bleadraich ri a charaidean ach cha bu toigh leis idir a bhith a' cumail an taighe sgiobalta. Na 'm faiceadh sibh an cidsin aige!  Bha e dìreach uabhasach! Mar sin, dh'fheumte rudeigin a dhèanamh mu dhèidhinn mus tigeadh Antaidh Peigi a dh'fhuireach airson beagan làithean.

Tha na dealbhan èibhinn aig Sandra Nic an t-Saoir a' toirt uabhas chidsin Dhonnchaidh agus an sgioba-glanaidh a thàinig air leth beò!

Airson clann aois 6 gu 9, no airson a leughadh do chloinn nas òige.

 

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Donnchadh am Fuamhaire

  • Le: Lisa Storey
  • Còd a' bhathar: 9780946427536
  • Ri làimh: Sa bhùth
  • £5.00


Tagaichean: Donnchadh am Fuamhaire

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: