Suthainn Sìor

Clàr, 2011. 174 duilleag.

Seo an treas leabhar san t-sreath de thrì a thòisich le Dìleas Donn agus a lean le Taingeil Toilichte. 'S ann mun aon teaghlach a tha an trì-leabhar air fad.

Tha am beatha a' gabhail romhpa am broinn an teaghlaich, a tha fhathast a' strì ri gaol, creideamh, cianalas, bròn, toileachas agus mì-chinnt, agus tha an t-ùghdar a' toirt na sgeòil air adhart ann an dòigh làidir, ealanta.
Ged a tha beatha nan caractaran gu math toinnte, tha modh-innse an ùghdair a' fosgladh na slighe dhan leughadair a thighinn a bhroinn an teaghlaich agus tuigse dha fhèin a thogail air a crannchur.

'S e nì tarraingeach a th' ann a bhith a' leantainn cunntas-teaghlaich air a lìbhrigeadh thairis air trì leabhraichean mar seo – gach leabhar ag innse a thaobh fhèin dhen sgeulachd.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Suthainn Sìor

  • £8.99


Related Products

Dìleas Donn

Dìleas Donn

Clàr, 2006.157 duilleag. Tha an nobhail seo stèidhichte s..

£8.99

Taingeil Toilichte

Taingeil Toilichte

Clàr, 2008. 182 pages. An darna leabhar san t-sreath de th..

£8.99

An Dosan

An Dosan

Acair, 2015.  155 duilleag. Ghlèidh an leabhar seo D..

£9.99

Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Leodhas

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: