Bogha-Frois san Oidhche

The Handsel Press, 1997. 238 duilleag, còmhdach cruaidh.

Tha Bogha-Froise san Oidhche na chunntas air fìor ghàbhadh-creidimh ann am beatha Crìosdaidh Chailbhinich. `S ann am bàrdachd ùr-nòsach (eadar dubh-rann agus liric) a tha a' chuid as motha dheth sgrìobhte, ged a tha earrannan bhon Sgriobtar, bhon leabhar-cloinne ainmeil Buidseach Oz agus bho àite no dhà eile fillte a-steach. `S e a' cheist a tha e a' togail ach ceist fulangais agus àrd-uachdaranachd Dhè. A rèir Dòmhnall Mèic:
`S e dàn air leth luachmhor a tha againn ann an seo...ag èirigh à spiorad cràidhte, a tha a' feuchainn ri tuigse fhaighinn air rùintean Dhè ann am meadhann dòrainn phearsanta...rosg-dhàn àlainn a bhios gar misneachadh `s gar neartachadh air slighe chorrach na beatha.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Bogha-Frois san Oidhche

  • £9.95


Tagaichean: Bogha-Frois san Oidhche

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: