Clò Fuigheagan, 2011. 102 duilleag.
Na h-Òrain agus am Bàrdachd aig Uilleam Aonghas MacMhathain.
`S e Duilleag Beatha a' chiad chruinneachadh òrain is bàrdachd a chaidh fhoillseachadh le Uilleam Aonghas MacMhathain. Gheibhear iomadh cuspair sa chruinneachadh: gaol, cogadh, àbhachdas, cuimhneachadh, cianalas agus òrain spioradail. Tha a' bhàrdachd aige a' tighinn à tobar bàrdachd dhualchasach nan Gàidheal agus e a' cruthachadh pìosan-obrach a tha furasta an tuigsinn, a tha gar gluasad agus a tha a' bualadh air beatha an latha an-diugh. Agus a tha cuideachd a' dearbhadh doimhneachd gaoil an ùghdair don Ghàidhlig agus a dualchas. Rugadh Uilleam Aonghas MacMhathain an Àirigh a' Bhruaich ann an Eilean Leòdhais agus tha e a-nis a' fuireach ann an sgìore an Rubha san eilean sin. Tha a chuid bàrdachd air iomadh duais a chosnadh aig a' Mhòd Rìoghail Nàiseanta, agus bidh e tric a' craoladh air BBC Radio nan Gàidheal. Chaidh na h-òrain aige a chlàradh le grunn luchd-ciùil Gàidhlig aithnichte, nam measg Fiona NicCoinnich.
Duilleag Beatha
- Le: Uilleam Aonghas MacMhathain
- Còd a' bhathar: 9780956895202
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£8.99
Tagaichean: Duilleag Beatha