Na Guthan:
Tha sinn a' cluintinn iomadach seòrsa gutha rè ar beatha: misneachail, bagrach, tàlaidheach, iomagaineach, dìomhair. Tha cuid aca a' tighinn bhon taobh a-muigh is cuid bhon taobh a-staigh. An èist sinn riutha? Is math as fhiach Na Guthan seo èisteachd riutha.
Tha Iain Mac a' Ghobhainn air àireamh mhòr de sgeulachdan goirid a sgrìobhadh - `s e cruinneachadh de chòig sgeulachdan air fhichead a tha seo, agus tha iad eirmseach is smaointeachail mar as àbhaist.
Na Speuclairean Dubha:
Dè seòrsa fear a bh'ann? Carson a chur e às dha fhèin? Tha an 't-ùghdar' anns an sgeulachd annasach seo a' leantainn ceistean den t-seòrsa seo, agus is dòcha a' freagairt cheistean mu dheidhinn fhèin. Cò air a bha na speuclairean dubha co-dhiù?
Na Guthan / Na Speuclairean Dubha
- Le: Iain Mac a' Ghobhainn
- Còd a' bhathar: 9781871901138
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£6.00