Am Balach Beag a dh'Èisteadh aig Dorsan
  • Am Balach Beag a dh'Èisteadh aig Dorsan

190 duilleag. Luath Press, 2018

Tha an t-eilean làn de sgeulachdan, agus tha Tormod gan cluinntinn a h-uile taobh dhan tèid e. Cha ghann nach cluinn e mu na saighdearan Ròmanach, còtaichean seunta, agus mu dhaoine air an toirt a thaobh, air neo am bruid, air sgàth an cuid aineolais, agus droch rùn chàich.

Ach, chan e a h-uile càil a tha freagarrach do chluasan òganaich agus cluinnidh Tormod, 's a chluais ri claisneachd, gu leòr a tha ga chur a rannsachadh mu cò a b' athair dha, am measg nithean eile. Cluinnidh e sop às gach seid bho a nàbaidh Ruairidh, a mhàthair is cailleachan na bùtha, ach chan eil e idir furasta do Thormod bun no bàrr a dhèanamh dheth. Nach fheàrr neoichiontachd na h-òige na bhith air do bhuaireadh cus le còmhradh a tha am beul dhaoine?

Fìrinn no faoinsgeul - cò a dh'aithnicheas?



Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Am Balach Beag a dh'Èisteadh aig Dorsan

  • Le: Alison Lang
  • Còd a' bhathar: 9781912147489
  • Ri làimh: Sa bhùth
  • £8.99


Related Products

Cainnt na Caileige Caillte

Cainnt na Caileige Caillte

Clàr, 2009. 203 duilleag. Anns an dorchadas tha caileag f..

£8.99

San Dùthaich Ùir

San Dùthaich Ùir

Sandstone Press, 2011. 96 duilleag. Theich pàrantan Anna às ..

£7.99

Cho Snog 's a tha thu

Cho Snog 's a tha thu

Sandstone Press, 2015.  87 duilleag. A bheil fhios ag..

£7.99

An Aisling

An Aisling

Acair, 2015.  357 duilleag. Anns an toiseach cha robh..

£9.99

Tagaichean: Ficsean

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: