Prìomh naidheachdan

Taghadh de leabhraichean mu dheidhinn a' Chiad is an Dàrna Cogaidh - ficsean, bàrdachd agus eachdraidh-beatha..

A bheil an t-acras ort? 'S dòcha gum bi ma leughas tu cuid de na leabhraichean seo (agus 's dòcha nach bi ma leughas tu mu dheidhinn na bèiste a dh'itheas sgudal!) ..

'S e an Cèitean Mìos nan Sgeulachdan Goirid agus tha sinn air liosta de chruinneachaidhean de sgeulachdan goirid Gàidhlig a chur ri chèile. Eadar rùn-dìomhair is eucoir agus eadar beul-aithris is fealla-dhà is dràma, tha rudeigin ann a chòrdas ris a h-uile duine. Bhiodh cuid de na leabhraichean seo air leth freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a' tòiseachadh a leughadh sa Ghàidhlig, ach nach eil buileach deiseil airson nobhail slàn fhathast!..

Bhruidhinn mi ri Ceitidh Hutton beagan làithean mus deach an leabhar ùr aice, Grumpa: Am Bodach Busach, a chur air bhog. Tharraing mi air falbh i bhon a’ ghunna-gloidh aice, far an robh i a’ dèanamh pupaid den a’ phrìomh charactar, a bhios a’ tighinn còmhla rithe gu tachartasan agus leughaidhean. Tha Ceitidh air seachd leabhraichean-cloinne a sgrìobhadh gu ruige seo agus ’s ann leis a’ chompanaidh aice fhèin, Dealan-dè, a chaidh an dà leabhar mu dheireadh aice fhoillseachadh.
Mus d’fhuair mi a-mach tuilleadh mu dheidhinn Grumpa, dh’fhaighnich mi do Cheitidh dè an leabhar a sgrìobh i fhèin air..
0 beachdan air an artagail seo - Seall na beachdan

Taghadh de leabhraichean dà-chànanach a bhios tarraingeach dhaibhsan aig nach eil facal sa Ghàidhlig (fhathast!) ach aig a bheil ùidh sa chànan...

An e cait no coin is fheàrr leat? Chan eil e gu diofar - tha leabhraichean-cloinne Gàidhlig gu leòr againn air do shon. Seo 20 dhiubh a chòrdas riut fhèin agus ris na caraidean ceithir-chasach agad!..

Ìmpireachd le Iain F. MacLeòid
Tron t-seachdain mu dheireadh agam aig Comhairle nan Leabhraichean, leugh mi Ìmpireachd le Iain F. MacLeòid. Bha mi a’ smaoineachadh gur mathaid gum biodh e doirbh dhomhsa a leughadh air sgàth ’s nach deach an leabhar a sgrìobhadh airson luchd-ionnsachaidh. Agus, gu dearbh, bha agam ris an fhaclair a chumail ri làimh. Ach bha an leabhar cho inntinneach agus cho àlainn ’s nach robh trioblaid sam bith agam ach aig deireadh an latha nuair a bha agam ris an leabhar a chur sìos.
Tha an leabhar a’ leantainn dà charactar: athair agus a mhac. Rugadh ’s thogadh an dithi..