
Tha Glaschu aithnichte mar 'Baile Mòr nan Gàidheal' agus gabhaidh an aon
ainm a chur air Dùn Èideann cuideachd. Ma bhios sibh a' tadhal air na
bailtean seo tron t-samhraidh ('s dòcha gu Fèis an Taobh an Iar ann an
Glaschu san Ògmhios no Fèis Leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann
san Lùnastal), gheibh sibh blas de charactaran, togalaichean, eachdraidh agus cultar
an àite anns na leabhraichean seo. Tha leabhraichean eile air an liosta air an stèidheachadh ann am bailtean eile, an dà chuid ann an Alba agus air feadh an t-saoghail, bho Inbhir Nis agus Obar Dheathain gu New York agus Berlin.