
A bheil thu a' faireachdainn nach bi thu idir comasach air leabhar Gàidhlig a leughadh? Na gabh dragh - tha tòrr leabhraichean ann a tha air leth freagarrach airson luchd-ionnsachaidh aig a h-uile ìre, eadar leabhraichean dà-chànanach, sgeulachdan goirid, leabhraichean-èisteachd agus nobhailean goirid le geàrr-chunntasan agus beag-fhaclairean Beurla.
Tha stiùireadh air a h-uile leabhar ficsean air an làrach-lìn againn a-nis: ìrean-leughaidh, lèirmheasan, dealbh den a' chiad duilleag agus molaidhean air leabhraichean coltach riutha.
Agus cuimhnich gu bheil sinn ro thoilichte molaidhean no stiùireadh a thoirt dhut aig àm sam bith - dìreach cuir fòn thugainn no thig a-steach dhan a' bhùth!