Ceitidh Hutton - Agallamh

Ceitidh Hutton - Agallamh

Ceitidh Hutton - Agallamh

Bhruidhinn mi ri Ceitidh Hutton beagan làithean mus deach an leabhar ùr aice, Grumpa: Am Bodach Busach, a chur air bhog. Tharraing mi air falbh i bhon a’ ghunna-gloidh aice, far an robh i a’ dèanamh pupaid den a’ phrìomh charactar, a bhios a’ tighinn còmhla rithe gu tachartasan agus leughaidhean. Tha Ceitidh air seachd leabhraichean-cloinne a sgrìobhadh gu ruige seo agus ’s ann leis a’ chompanaidh aice fhèin, Dealan-dè, a chaidh an dà leabhar mu dheireadh aice fhoillseachadh.

Mus d’fhuair mi a-mach tuilleadh mu dheidhinn Grumpa, dh’fhaighnich mi do Cheitidh dè an leabhar a sgrìobh i fhèin air a bheil i as moiteile. ’S beag an t-iongnadh gu bheil àite sònraichte aig a’ chiad leabhar aice na cridhe, Broc ann an Cnoc, foillsichte le Leabhraichean Beaga ann an 2009. Chaidh a sgrìobhadh le amas sònraichte – bha Ceitidh mothachail nach robh leabhraichean-cloinne Gàidhlig gu leòr ann a bha a’ freagairt air pàrantan nach robh fileanta. Rinn i cinnteach nach robh i a’ cleachdadh briathrachas ro dhoirbh, ach aig a’ cheart àm, bha e cudromach dhi gum biodh an sgeulachd tarraingeach do leughadairean fileanta cuideachd.

Tha eòlas aig Ceitidh air na duilgheadasan a th’ aig pàrantan nach eil buileach fileanta, a bhios a’ feuchainn ri leabhraichean Gàidhlig a leughadh rin cloinne. Bidh i a’ cumail na rudan seo na h-inntinn fad ’s a bhios i a’ sgrìobhadh sgeulachdan agus bidh i a’ dèanamh oidhirp leabhraichean a sgrìobhadh a ghabhas a leughadh agus a thuigsinn le leughadairean aig diofar ìrean – mar eisimpleir, le bhith a’ cleachdadh na h-aon faclan is abairtean a-rithist ’s a-rithist tron sgeulachd. A rèir lèirmheasan brosnachail a tha i air fhaighinn, tha i air a bhith soirbheachail leis a seo – rud dòchasach airson leabhraichean a tha rim faighinn ann an Gàidhlig a-mhàin.

Tha Ceitidh cuideachd moiteil às na dà leabhar aice air traidiseanan Albannach a tha a’ dol a-mach à bith ann an cuid de sgìrean; Oidhche Shamhna agus Oidhche Challainn.

’S e Grumpa: Am Bodach Busach an leabhar ùr aig Ceitidh, a chaidh fhoillseachadh sa Mhàirt – sgeulachd èibhinn agus misneachail mu dheidhinn bodach gruamach, nach eil ceart cho mì-chàilear ’s a bhiodh tu an dùil.

Nuair a chuir mi an ath cheist air Ceitidh, bha dàil ann mus do fhreagair i: a bheil Grumpa stèidhichte air duine sam bith air a bheil i eòlach? “Uill,” thuirt i le gàire, “feumaidh mi aideachadh gur ann air an duine agam, Malcolm, a tha Grumpa stèidhichte – tha a chridhe san àite ceart, ach ‘s e duine busach a th’ ann!” Gu dearbh, ‘s e ‘Grumpa’ a th’ aig oghaichean Malcolm air – ach dè am beachd aige fhèin air an leabhar? “Cha do leugh esan e leis nach eil Gàidhlig aige,” thuirt Ceitidh, “ach bidh e a’ gàireachdainn mu dheidhinn.” Tha i gu math faiceallach a dhèanamh soilleir nach eil na dealbhan anns an leabhar coltach ri Malcolm ann an dòigh sam bith!

Fad ’s a bha Ceitidh a’ sgrìobhadh Grumpa, bha e cudromach dhi gum biodh clann aig a bheil Gàidhlig a tha a’ fuireach ann am bailtean mòra ag aithneachadh na sgìrean, caractaran agus suidheachaidhean anns an leabhar. Leis gu bheil planaichean ann airson an treas sgoil Gàidhlig ann an Glaschu, tha iomadh leughadairean òga ann a tha nas eòlaiche air a’ bhaile na air an dùthaich. “Bha mi airson ’s gun aithnicheadh a’ chlann Grumpa fhèin cuideachd,” arsa Ceitidh, “oir san latha an-diugh, cha bhi bonaid chlò agus bata aig a h-uile seanair!”

Fad 's a bha i ag obair còmhla ri clann òg mar Oifigear Leasachaidh airson sgoiltean-araich Gàidhlig anns a' Ghàidhealtachd, fhuair Ceitidh tuigse air dè cho cudromach ’s a tha e a bhith cruthachail agus eadar-ghnìomhach. “Nuair a bhios na caractaran a’ tighinn beò, bidh cloinne a’ faighinn tòrr a bharrachd a-mach às an sgeulachd,” thuirt i, ag innse dhomh mu dheidhinn cuairt a ghabh i gu iomadh bùth carthannais, a’ feuchainn ri bòtannan beaga gorm a lorg airson pupaid Grumpa. “Fiu ’s mura h-eil Gàidhlig aig a’ chlann, faodaidh iad an sgeulachd a leantainn mas e seisean eadar-ghnìomhach a th’ ann, agus ’s dòcha gun tog iad facal no dhà an siud ’s an seo cuideachd.”

Gun teagamh, tha dealbhan air leth cudromach ann an leabhar-cloinne sam bith. Nuair a bha i a’ sgrìobhadh na ciad leabhraichean aice, Broc ann an Cnoc agus Marc am Broc a’ Sgioblachadh, bha Ceitidh ag iarraidh dealbhan traidiseanta, seann-fhasanta de na beathaichean anns na sgeulachdan, a chaidh a dhèanamh gu sgileil le Shona Grant.

Bhon uair sin, tha Ceitidh air obair còmhla ri measgachadh de dhealbhadairean, nam measg Liondsaidh Chaimbeul agus Sandra Steele, a tha air na tàlantan aca fhèin a chleachdadh gus na sgeulachdan a thoirt beò. ’S e Grumpa a’ chiad leabhar a chaidh dhealbhachadh le Sìne NicGhillebhraithe, air an robh Ceitidh eòlach airson fichead bliadhna gun fhios aice gun robh i na dealbhadair. Gu dearbh, ’s ann aig cur-air-bhog an leabhair mu dheireadh aice, Oidhche Challainn, a chaidh innse dhi le neach-ciùil a bha a’ cluich aig an tachartas gun robh tàlantan dealbhachaidh aig Sìne. Tha e a’ còrdadh ri Ceitidh a bhith ag obair còmhla ri Sìne: “Tha e an-còmhnaidh nas fhasa a bhith ag obair còmhla ri dealbhadair nuair a tha thu a’ fuireach faisg orra,” tha i ag ràdh, ag aithneachadh gu bheil e doirbh uaireannan a bhith cho cruthachail air a’ fòn no air post-dealain.

Nuair a bha Ceitidh òg, ’s iad na leabhraichean is fheàrr leatha Granny’s Wonderful Chair le Frances Brown agus The Voyage of the Dawn Treader le C. S. Lewis. ’S ann mu dheidhinn siubhail gu saoghal eile agus a bhith nur pàirt den sgeulachd a tha an dà leabhar – tha e coltach gu bheil buaidh air a bhith aig na cuspairean seo air Ceitidh, agus an tàlant a th’ aice air innse sgeulachdan.

Mar a bhiodh tu an dùil, cha robh e furasta do Cheitidh Dealan-dè a stèidheachadh, leis nach robh eòlas sam bith aice air a’ ghnìomhachas. “Bha am foillsichear a bh’ agam a’ leigeil seachad a dreuchd agus thuirt i rium gum bu chòir dhomh fheuchainn ri companaidh a stèidheachadh leam fhìn,” dh’innse Ceitidh dhomh, “Cha robh mi idir cinnteach dè bha mi ris, ach bha mi airson mo dhìcheall a dhèanamh.” Chuir i seachad bliadhna a’ cur Dealan-dè air gleus agus bha i feumach air tòrr taic bho dhaoine eile a tha an-sàs ann am foillseachadh, is Comhairle nan Leabhraichean nam measg. “’S e obair-sgioba a th’ ann,” thuirt i mu dheidhinn a’ chompanaidh, nach biodh ann mura robh sgioba ag obair gu dlùth còmhla rithe airson nan leabhraichean aice fhoillseachadh – Coinneach Dougan a tha a’ dèanamh clò-shuidheachadh, neach-deasachaidh Lisa Storey agus Caitrìona Mhoireach, a tha na leughadair-dearbhaidh.

Gu dearbh, chan e obair furasta a th’ ann a bhith nad fhoillsichear bheag, gu h-àraid ann an saoghal na Gàidhlig, anns nach eil an t-uabhas de leughadairean. “Tha e doirbh aig amannan tìde agus stuthan gu leòr a lorg a cheadaicheas dhomh na pròiseactan anns a bheil ùidh agam a dhèanamh,” thuirt i le osna, “agus chan eil e furasta leabhraichean Gàidhlig gu leòr a reic airson cosnadh a dhèanamh – mar sin, chan urrainn dhomh tòrr tìde a chur seachad air.”

Dh’fhaighnich mi do Chèitidh mu dheidhinn nam planaichean-fhoillsichidh aice san àm ri teachd. “Tha tòrr beachdan agam airson sgeulachdan agus caractaran ùra – ach chan eil e furasta tìde a lorg airson sgrìobhadh mun deidhinn!” thuirt i le gàire, ag ràdh gur e an rud as cudromaiche dhi an-dràsta a bhith a’ leasachadh Grumpa mar charactar. “Tha iomadh dòigh anns an tèid an caractar a ghluasad air adhart,” arsa Ceitidh, “agus iomadh sgeulachdan ri innse mu dheidhinn Grumpa.” Ged a tha e doirbh tìde a lorg airson leabhraichean a sgrìobhadh, gu fortanach, tha na dleastanasan eile a tha an lùib sgrìobhaidh agus foillseachaidh a’ còrdadh ri Ceitidh cuideachd. “Tha tòrr obair an-sàs ann an sanasachadh leabhraichean agus a’ cur tachartasan air dòigh, agus bidh mi a’ fàs gu math iomagaineach mun deidhinn,” dh’aidich i, “ach tha e a’ còrdadh rium gu mòr a bhith còmhla ris a’ chloinne agus tha e a’ toirt spionnadh dhomh nuair a chì mi gu bheil iad a’ gabhail pàirt anns na seiseanan agus a’ dol an-sàs anns an sgeulachd.”

Le bhith a’ leantainn leasachadh a’ phupaid ‘Grumpa’ air na meadhanan-sòisealta, tha e follaiseach nach b’ urrainn do chloinne ach a bhith eadar-gnìomhach agus an-sàs anns an sgeulachd aig tachartas sam bith aig a bheil Ceitidh a’ leughadh!

Tha Grumpa: Am Bodach Busach agus na leabhraichean eile aig Ceitidh Hutton rim faighinn air làrach-lìn agus ann am bùth Chomhairle nan Leabhraichean. Gheibhear naidheachdan bho Cheitidh fhèin air an duilleag Facebook aice

Air a sgrìobhadh le Shelagh

Rudan co-cheangailte ris an artaigil seo

Broc ann an Cnoc

Broc ann an Cnoc

Leabhraichean Beaga, 2009. Dealbhan le Shona Grant. ..

£7.50

Rona agus a Caraidean

Rona agus a Caraidean

Leabhraichean Beaga, 2011. 25 duilleag. Dealbhan le Gwen ..

£6.00

Marc am Broc a' Sgiobhlachadh

Marc am Broc a' Sgiobhlachadh

Leabhraichean Beaga 2010. Dealbhan le Shona Grant. Cò ..

£5.00

Oidhche Shamhna

Oidhche Shamhna

Leabhraichean Beaga, 2014.  19 duilleag. Dealbhan le ..

£4.00

Oidhche Challainn

Oidhche Challainn

Dealan-Dè, 2016.  22 duilleag. Oidhche shònraichte an..

£4.50

Grumpa: 'Am Bodach Busach'

Grumpa: 'Am Bodach Busach'

Dealan-dè, 2017. 21 duilleagAn e duine crabat, busach a th' ann a..

£5.75

Grumpa agus an Latha Fuaimneach

Grumpa agus an Latha Fuaimneach

Dealan-dè, 2018. 21 duilleagAbair othail a' tighinn bhon taigh an..

£6.00

0 Beachdan Gu "Ceitidh Hutton - Agallamh"

Sgrìobh Beachd

D' Ainm:
 
Am Beachd Agad:
An aire: Chan eil HTML ceadaichte!

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: