
Seo an t-àm as fheàrr den bhliadhna airson na brògan trom agus mapaichean na Suirbhidh Òrdanais fhaighinn a-mach às a’ phreasa agus airson cuairt a ghabhail tro chuid de na sgìrean brèagha ann an Alba.
Tha sinn air leabhraichan a thaghadh a bheir taic dhut a thaobh fuaimneachadh ainmean-àite, aithneachadh lùsan agus craobhan, taghadh slighean agus sgìrean…agus a bheir brosnachadh dhaibhsan aig a bheil ùidh ann an togail dealbhan!