Dithis le Sandaidh & Màrtainn

Tha Comhairle nan Leabhraichean toilichte cuireadh a thoirt dhuibh gu 'Dithis', tachartas le Màrtainn Mac an t-Saoir agus Sandaidh NicDhòmhnaill Jones.

Thig còmhla ris an dithis bhàrd is iad a' bruidhinn mu bhuaidh na bliadhna a dh' fhalbh orra - àm glasaidh agus galair mhòr-sgaoilte - is air an cuid sgrìobhaidh rè an ùine seo. Bithear a’ leughadh dàin, agus ann an còmhradh le chèile. Thathar ag amas còmhradh agus iomlaid bheachdan no-fhoirmeil agus laghach fhaighinn le chèile, agus a thairgse don luchd-amhairc!

Thèid an tachartas a chraoladh beò ann an Gàidhlig, le cothrom do luchd-èisteachd ceistean a chur air na bàird.

Dimàirt 15 Og-mhios. 7:30f.

Tiocaidean an seo.