Na Duaisean Litreachais 2020

 

STIÙIREADH AGUS RIAGHAILTEAN

Ri linn COVID-19, tha bùth agus oifisean Chomhairle nan Leabhraichean a-nis dùinte. Dh’iarramaid air foillsichear no sgrìobhadair sam bith a tha am beachd tagradh a chur a-steach gu Na Duaisean Litreachais 2020 clàr-iarrtais fa leth airson gach tagradh a chur air post-d gu Alison Lang alison@gaelicbooks.org air thoiseach air 1 Cèitean 2020. Chan eil e comasach dhuinn gabhail ri na leabhraichean fhèin an-dràsta ach cuiridh sinn brath chun nan tagraichean uile às dèidh a’ chinn-latha.

Ceann-latha airson thagraidhean : 5.00f, Dihaoine 1 Cèitean 2020

- Tha Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an dùthaich sam bith eadar 1 Cèitean 2019 agus 30 Giblean 2020 agus a tha ann an aon de na gnèithean a leanas:

  • Bàrdachd
  • Ficsean
  • Neo-fhicsean
  • Clann/òigridh

- Tha Na Duaisean Litreachais cuideachd fosgailte do sgrìobhadh tùsail Gàidhlig de dh’fhaid leabhair, gun fhoillseachadh air ceann-latha na farpais, agus a tha ann an aon de na gnèithean a leanas:

  • Sgrìobhadh airson clann/òigridh
  • Sgrìobhadh airson inbhich

- Feumaidh co-dhiù 50% dhen teacsa gu leir ann an tagraidhean airson nan Duaisean Litreachais a bhith sgrìobhte ann an Gàidhlig na h-Alba.

- Tha e ceadaichte do dh’ùghdar no foillsichear tagradh a chur a-steach dhan fharpais.

- Feumaidh an clàr-iarrtais iomchaidh a bhith an cois gach tagradh. Luchdaich a-nuas an clàr-iarrtais airson leabhraichean foillsichte agus sgrìobhadh neo-fhoillsichte.

- Feumaidh pìosan sgrìobhaidh neo-fhoillsichte a bhith ann an cruth Word le clò 12-puing agus beàrnadh dùbailte. Bu chòir dha na duilleagan uile a bhith air an àireamhachadh, le tiotal a’ phìos sgrìobhaidh orra. Cha bu chòir ainm an ùghdair a bhith air duilleag sam bith dhen tagradh (ach a-mhàin a’ chlàr-iarrtais) a chionn ’s gum bi na tagraidhean sin uile air am breithneachadh gun urra.

- Air thoiseach air a’ chinn-latha, bu chòir trì (3) lethbhric de gach leabhar foillsichte, le clàr-iarrtais nan cois, a chur gu:

Alison Lang, Stiùiriche

Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP

- Air thoiseach air a’ chinn-latha, bu chòir tagraidhean airson sgrìobhadh neo-fhoillsichte a chur a‑steach air post-d, le clàr-iarrtais nan cois, gu: alison@gaelicbooks.org.

- Gheibh tagraichean dearbhadh air post-d gun d’ fhuaireadh an tagradh aca nuair a ruigeas e oifis Chomhairle nan Leabhraichean.

- Is e Dihaoine 1 Cèitean 2020 aig 5.00f an ceann-latha deireannach do thagraidhean. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean a gheibhear às dèidh a’ chinn-latha sin.

- Thèid breithneachadh air na tagraidhean le pannal neo-eisimeileach. Bidh co-dhùnadh a’ phannail deireannach.

- Thèid geàrr-liosta airson nan Duaisean Litreachais ainmeachadh anns an Lùnastal 2020.

- Thèid luchd-buannachaidh nan Duaisean Litreachais ainmeachadh aig cuirm fheasgair aig Taigh-cluiche Cottiers, Glaschu air Diardaoin 17 Sultain 2020.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn nan Duaisean Litreachais, thoiribh sùil air Fiosrachadh a bharrachd. Ma bhios ceistean eile agaibh, cuiribh brath gu Alison Lang air alison@gaelicbooks.org no 0141 337 6211.