Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2020 - Fosgailte!

Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2020 - Fosgailte!

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2020, com-pàirteachas eadar Comhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba, a-nis fosgailte do thagraidhean. Thathar a’ sireadh dithis sgrìobhadair ùr airson pàirt a ghabhail ann am prògram stiùiridh a bheir dhaibh taic agus brosnachadh airson an cuid sgrìobhaidh a leasachadh gu ìre proifeiseanta.

A-nis san 11mh bliadhna dhen cho-obrachadh shoirbheachail seo, thathar a’ cur fàilte air tagraidhean bho sgrìobhadairean nach eil air a bhith am follais gu ruige seo, ach a tha deiseil airson an ath cheum a ghabhail le an cuid obrach. Am measg na ghabh pàirt ann an Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra gu ruige seo tha Mòrag Anna NicNèill, Niall O’Gallagher agus Calum L. MacLeòid. ’S e sgrìobhadair eile a fhuair taic tron sgeama, Iain Urchardan, a choisinn Duais Dhòmhnaill Meek 2019 bho chionn ghoirid airson Turas, cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig.

Tha an clàr-iarrtais agus tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn an seo. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 5.00f air Dihaoine 8 Samhain 2019.

 

Chaidh seo ùrachadh air 8 Dàmhair 2019.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: