Cothroman sgrìobhaidh

Seo liosta de dh'fharpaisean-sgrìobhaidh agus chothroman eile a tha a' cur fàilte air tagraidhean Gàidhlig. Gheibhear tuilleadh fiosraichaidh mu dheidhinn gach cothrom air na làraich-lìn gu h-ìseal. Ma tha sibh eòlach air farpaisean eile nach eil air an liosta seo, cuiribh fios thugainn agus cuiridh sinn iad ris.

In Tune with Nature

Ceann-latha: Didòmhnaich 31 Cèitean 2020
Làrach-Lìn: In Tune with Nature
Tha Fèis Rois agus Dualchas Nàdair na h-Alba a’ cur fàilte air tagraidhean bho luchd-ciùil de gach seòrsa, aois 16+, airson ceòl ùr a chur ri chèile stèidhichte air aon de dheich Thèarmannan Nàdair Nàiseanta air feadh na dùthcha. Gheibh deich neach-ealain shoirbheachail duais de £500 an urra agus cothrom air film a dhèanamh aig an làrach tèarmainn a thug brosnachadh dhaibh agus pàirt a ghabhail ann an tachartasan beò tron bhliadhna. Tha òrain ùra Ghàidhlig air am brosnachadh gu sònraichte. Faic an làrach-lìn airson tuilleadh fiosrachaidh.

Your Stories: An t-àm ri teachd

Ceann-latha: Dihaoine 5 Ògmhios 2020
Làrach-Lìn: Urras Leabhraichean na h-Alba: Your Stories
Mar phàirt de phròiseact sgrìobhaidh bliadhnail Urrais Leabhraichean na h-Alba – Your Stories – tha daoine air feadh Alba gam brosnachadh gus na sgeulachdan aca mun àm ri teachd a chur a-steach. Faodar sgeulachd, dàn, dealbh-chluich, litir no fiù ’s sreath-coimaig a dhèanamh ann an Gàidhlig, Albais no Beurla. Thèid gach tagradh fhoillseachadh air làrach-lìn an Urrais agus nochdaidh taghadh dhuibh ann an leabhran aig Seachdain Leabhraichean na h-Alba. Faic an làrach-lìn airson tuilleadh fiosrachaidh.

Comunn na Gàidhlig - Farpais sgrìobhaidh

Ceann-latha: Diluain 8 Ògmhios 2020
Làrach-Lìn: Comunn na Gàidhlig
Mar phàirt de Bhliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba 2020, sgrìobh sgeulachd ghoirid sa Ghàidhlig air a’ chuspair: Air a’ Chladach. Duaisean anns na roinnean a leanas: Aois 8-12 bliadhna/ 500-700 facal/ 1d duais: £30 + £20 àirleas bho Chomhairle nan Leabhraichean; 2na àite: £20. Aois 13-17 bliadhna/ 700-900 facal/ 1d duais: £50 + £30 àirleas bho Chomhairle nan Leabhraichean; 2na àite: £30.

Northwords Now: Iris 40, Am Foghar-An Geamhradh 2020

Ceann-latha: Dihaoine 31 Iuchar 2020
Làrach-Lìn: Northwords Now
Iris litreachais a bhios a’ nochdadh dà thuras sa bhliadhna. Tha fàilte air tagraidhean chun na h-ath iris, ri fhoillseachadh san Dàmhair 2020. Cuiribh a-steach suas ri trì sgeulachdan goirid no sia dàin anns a’ Ghàidhlig, sa Bheurla, an Albais no dualchainnt sam bith dhiubh. Bu chòir dhan obair a bhith gun fhoillseachadh roimhe ann an clò no air-loidhne. Bidh tuarastal air a phàigheadh airson tagraidhean soirbheachail.