Co-fharpaisean Latha nan Leabhraichean

Co-fharpaisean Latha nan Leabhraichean

Latha nan Leabhraichean: Farpaisean Ealain agus Sgrìobhaidh

Mar chomharra air Latha nan Leabhraichean air 7 Màrt 2019, tha Comhairle nan Leabhraichean a’ ruith farpaisean ealain agus sgrìobhaidh ann am bun-sgoiltean air feadh Alba.
Tha sinn air caractar a chruthachadh – muncaidh draoidheil – agus tha sinn ag iarraidh air clasaichean eadar-dhealaichte innse dhuinn mu dheidhinn ann an dòighean eadar-dhealaichte.

  • Clas 1-2: Dealbhaich muncaidh draoidheil (suas gu meud A4)
    Dè an coltas a th’ air a’ mhuncaidh? Am bi e a’ cur aodach air? A bheil rudeigin sònraichte a bhios e a’ cleachdadh airson draoidheachd a dhèanamh?
    Faodaidh coltas sam bith a bhith air a’ mhuncaidh – bidh cruthachail!

  • Clas 3-4: Sgrìobh sgeulachd ag innse dhuinn mu dheidhinn a’ mhuncaidh (100-200 facal)
    Dh’fhaodadh an sgeulachd agad tòiseachadh mar seo:
    “Thachair mi ri muncaidh annasach an-dè – ’s e muncaidh draoidheil a bh’ann! Innsidh mi dhut mu dheidhinn...”
    Mar eisimpleir: càit a bheil am muncaidh a’ fuireach? Dè na comasan sònraichte aige? A bheil e modhail no mi-mhodhail? Dè seòrsa rudan a bhios e a’ dèanamh?

  • Clas 5-7: Sgrìobh aithisg airson a’ phàipeir ionadail agad (200-300 facal)
    Tha muncaidh draoidheil air call anns an sgìre agad – cò às a thàinig e? Dè tha e air a bhith a’ dèanamh anns an sgìre? A bheil e air bùrach adhbharachadh no a bheil e a’ toirt taic do dhaoine? Dè am beachd a th’ aig daoine anns an sgìre air?

Bidh Linda NicLeòid (Tosgaire Òg airson Leughadh Gàidhlig / Cbeebies) a’ taghadh na dealbhan, sgeulachdan agus aithisgean as fheàrr leatha agus leughaidh i iad ann an bhidio sònraichte air Latha nan Leabhraichean.
Gheibh na sgoilearan a nì na dealbhan, sgeulachdan agus aithisgean a bhuainneachas àirleas-leabhair luach £20.

Cuiribh dealbhan agus pìosan-sgrìobhaidh (le ainm/aois/sgoil orra) ro Dhihaoine 1 Màrt gu:

Shelagh Chaimbeul, Oifigear Reic is Margaideachd
Comhairle nan Leabhraichean
32 Sràid Achadh a' Mhansa
Glaschu G11 5QP

no gu h-eileagtronaigeach gu shelagh@gaelicbooks.org

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri na dealbhan agus sgeulachdan agaibh fhaicinn!

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: