Ficsean 50 Facal

Farpais Ficsean 50 Facal


Tha farpais Ficsean 50 Facal na Sultaine le Urras Leabhraichean na h-Alba a-nis fosgailte is thathar a’ sireadh sgeulachdan Gàidhlig, ann an suas ri 50 facal, anns a bheil peant-gnùis a' nochdadh. Gheibh ùghdar na sgeulachd Ghàidhlig as fheàrr duais bho Chomhairle nan Leabhraichean.

Ceann-latha: meadhan-là air 2 Dàmhair 2018.

Deiseil? Deònach? Sgrìobh! Clàr-iarrtais an seo.


Anns an Lùnastal, b' e Seonaidh Charity a bhuannaich farpais Ficsean 50 Facal airson sgeulachd Ghàidhlig. 'S e an dùbhlan a chaidh a chur mu choinneamh sgrìobhadairean, sgeulachd a sgrìobhadh ann an dìreach 50 facal mu dheidhinn cuideigin a' gnogadh aig doras. Meal do naidheachd, a Sheonaidh, an dòchas gun còrd an duais bho Chomhairle nan Leabhraichean riut!

Agus seo sgeulachd Sheonaidh:

An toiseach, parsail an siud ’s an seo. Trì no ceithir gach mìos, sa gheamhradh fhuar. 

Ghnogadh i aig an doras, an lèine-t uaine Yodel oirre, am bogsa na làimh, a gàire…

A-nis – samhradh – parsail a h-uile latha. Cunntas banca falamh. An-diugh, thig am parsail le fàinne ann.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: