DUAISEAN NAN SGRÌOBHADAIREAN ÙRA 2018

DUAISEAN NAN SGRÌOBHADAIREAN ÙRA 2018


Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2018, com-pàirteachas eadar Comhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba, a-nis fosgailte do thagraidhean. Thathar a’ sireadh dithis sgrìobhadair ùr airson pàirt a ghabhail ann am prògram stiùiridh a bheir dhaibh taic agus brosnachadh airson an cuid sgrìobhaidh a leasachadh gu ìre proifeiseanta.

A-nis san naoidheamh bliadhna dhen cho-obrachadh shoirbheachail seo, thathar a’ cur fàilte air tagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig nach eil air a bhith am follais gu ruige seo, ach a tha deiseil airson an ath cheum a ghabhail le an cuid obrach. Am measg na ghabh pàirt ann an Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra gu ruige seo tha Maureen NicLeòid, Iain Urchardan agus Cairistìona Stone. ’S iad dithis eile a fhuair taic tron sgeama, Eòghan Stiùbhart agus Mòrag Anna NicNèill, a choisinn an dàrna agus an treasamh àite ann an Duais Dhòmhnaill Meek 2017.

Tha an clàr-iarrtais agus tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean an seo. Feumaidh tagraidhean a bhith a‑staigh ro 5.00f air Diardaoin 30 Samhain 2017.

 

Chaidh seo ùrachadh air 17 Dàmhair 2017

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: