DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2019 - GEÀRR-LIOSTA

Duais Dhòmhnaill Meek 2019 - Geàrr-liosta

 

DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2019

Geàrr-liosta na bliadhna-sa air ainmeachadh!

 

Chaidh còig leabhraichean ùra Gàidhlig ainmeachadh air geàrr-liosta na bliadhna-sa airson Duais Dhòmhnaill Meek. Is ann le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail a chaidh Duais Dhòmhnaill Meek a stèidheachadh, agus tha Comhairle nan Leabhraichean an comain nam buidhnean-maoineachaidh seo airson an taic leantainnich ann a bhith a’ brosnachadh sgrìobhadh ùr sa Ghàidhlig. Thèid luchd-glèidhidh nan duaisean ainmeachadh aig tachartas sònraichte ann an Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd ann an Glaschu air Diardaoin 26 Sultain 2019.

Thuirt Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean, Alison Lang:

“Tha sinn air leth toilichte gun robh tagraidhean aig àrd ìre a-rithist am-bliadhna airson Duais Dhòmhnaill Meek, eadar bàrdachd, eachdraidh agus ficsean cloinne. Tha sinn taingeil do na britheamhan a leugh a h-uile tagradh agus a thagh còig leabhraichean a bha làn airidh air àite air a’ gheàrr-liosta. Tha e na bhrosnachadh dhuinn a bhith a’ faicinn sgrìobhadh làidir ùr, agus tha sinn moiteil gu bheil Duais Dhòmhnaill Meek a’ toirt cothrom dhuinn tàlant nan sgrìobhadairean Gàidhlig a thaisbeanadh. Tha mi a’ guidhe a h-uile soirbheas don fheadhainn a th’ air a’ gheàrr-liosta.”

Chaidh na còig leabhraichean a leanas ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson Duais Dhòmhnaill Meek 2019:

  • Air a’ Chlachaig le Rody Gorman
  • Artair sa Chaisteal le Mòrag Anna NicNèill
  • Fuasgladh le Sgàire Uallas
  • Gràs le Maoilios Caimbeul
  • Turas le Iain Urchardan

 

Dè tha dol: Duais Dhòmhnaill Meek 2019

Cuin: 7.00f air Diardaoin 26 Sultain 2019

Càite: Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, Sràid McPhater, Glaschu

 

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mun bhrath naidheachd seo, cuiribh fòn gu: Alison Lang, Stiùiriche, Comhairle nan Leabhraichean, air 0141 337 6211

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: