Leugh is Seinn le Linda

Seiseanan-leughaidh Gàidhlig Loma-làn Sgeulachdan, Òrain is Gheamannan!

Bidh Leugh is Seinn le Linda a’ gabhail àite ann am bùth Chomhairle nan Leabhraichean eadar 1.00-2.00f agus 2.00-3.00f, gu h-àbhaisteach air an Disathairne mu dheireadh dhen mhìos (bheiribh sùil air a' chlàr-ama gu h-ìseal). Tha an tachartas seo freagarrach do chloinn aois 0-5. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ur faicinn, bidh spòrs gu leòr ann!

Leis gu bheil na seiseanan aig Linda a' fàs nas trainge a h-uile mìos, feumaidh sinn a-nis iarraidh air pàrantan clàradh air Eventbrite airson tiogaidean an-asgaidh. Gheibhear ceanglaichean gu Eventbrite ron a h-uile seisean. (Chan fheum pàrantan tiogaid a ghleidheadh dhaibh fhèin!)

 

 

Buaidh a’ Choronabhìoras air Leugh is Seinn

Ri linn sgapadh a’ Choronabhìorais, chaidh na seiseanan de Leugh is Seinn le Linda bha ri thighinn a chur dheth. Ach bidh sinn fhathast a’ tairgsinn sheiseanan air an t-sianal YouTube againn: Gaelic Books Council, gach madainn Diardaoin a’ tòiseachadh 26 Màrt.