Foillsichearan

Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic ri foillsichearan a tha ag amas air litreachas Gàidhlig a chur an clò le bhith a’ roinn taic maoineachaidh tro thabhartasan barantais is thabhartasan foillseachaidh.  Chan e foillsichear a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean ach gheibhte comhairle agus stiùireadh bhuainn a thaobh an ath cheum airson leabhar fhaighinn ann an clò.

Bithear a’ gabhail ri iarrtasan ceithir tursan sa bhliadhna ionmhasail (Giblean-Màrt), agus thathar a’ dèiligeadh ri nan tagraidhean taobh a‑staigh raoin-ama ainmichte. Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois.

Comataidh nan Tabhartas

’S e Comataidh nan Tabhartas a bhios a’ dèanamh co-dhùnadh a thaobh nan tagraidhean a gheibh taic agus an ìre de mhaoin a bhios air a shònrachadh. Tha buill na comataidh air an tarraing bho Bòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson 2020-21, ’s iad buill Chomataidh nan Tabhartas Dòmhnall Camshron, Morna Butcher agus Catrìona NicÌosaig.

Cinn-latha

An ath cheann-latha airson iarrtasan: 11 Dùbhlachd 2020

An ath choinneamh de Chomataidh nan Tabhartas: An Gearran 2021 (latha ri dhearbhadh)

Tuilleadh fiosrachaidh -Tabhartasan foillseachaidh

Tuilleadh fiosrachaidh - Tabhartasan barantais


Chaidh seo ùrachadh air 16 Samhain 2020